(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Children's Library | Biodiversity Heritage Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "Dain spioradail"

Digitized by the Internet Archive 
in 2013 



http://archive.org/details/dainspioradail1823gran 



DAIN 

LE 

PARUIG GRANND* 

AXN AN STRA-SPEA, 

AM FAGUS D'A BHAILE NAN GRANNDACH, 

ANN AN 

SGIREACHD ABERNEICH, 



Tha 'n t-Uan a stiuradh a shluaigh gu gloir, 
'S tha oran ùr ac' na h-uile lo; 
'S an t-oran gaol sin cha tuig a h-aon— ach 
A mheud 'sa shaor e, 'sa thug e beo. 

r- 

Xnbernegg : 

Printed hy J. Johnstone, 
POR THE AUTHOR, AND R. B. LUSK AND CO. 

AXD SOLD BY 

OLIVER AN'D BOYD, EDINBURGH ; M. OGLE, GLASGOtt'i 

W. SCOTT, AND J. .K.ERR, GREENOC&. 



&N CLAR INNSIDH. 



Àireamh. 








Taobh d 


uilleaf 


1. Gloir an Uan.. .... 


• 


... 


.... 


.... 


3 


II. An Geatadh Cumhann 


... 




. ... 


.... 


10 ! 


III. AmBiobal 


. 


... 


.... 


.... 


n 


IV. Gearan nan Gael 


... 




.... 




19 


V. Comhairle do'n Gige . . 


. 


... 


.... 


.... 


23 


VI. Oran do'n Aois.. 


... 




> . • » < 


... 


31 


VII. Bas an Fhirean .... 


• 


••• 


.... 


.... 


36 


VJII. Righ nan Uamhas.- 


-Bas 


an 


Aingidh 


... 


42 


-f^. An Soisgeuì .... 


* 


• < . 


» • « • 


. * . . 


46 




GLOIlt AN UAN, 



Tha Sion a seinn co binn 'sa 's urrainn, 

Toir mile urram do'n Uan, 
'Sa seinn air sC ghaol nach caochail tuilleadh ; 

'Se shaor i buileach o'n truaigh ; 
Halleluiah gu buan aig sluagh nam flaitheas, 

Tha cuartach' caithir an Righ ; 
"^S na leanas an t-Uan de'n t-sluagh air thalamh 

'So 'm fuaim ni tairis an cridh 1 . 

'S airidh Mac Dhe air geill a's urram, 

'S e fein a dh'fhuiìing am bàs ; . 
'S e chunnaic ar feum 's. ar n-eigin uile^ 

'S leis fein bu duilieh ar càs ; 
'S ann ghiulan e fein gu leir na buillean* 

O'n d' eirich,dhuinnebhi slàn, 
*S tha lotan 'sa chreuchdan 'g eigheach uiie^ 

Gach creutair urram thoir dha. 



B'iongantach saor do ghaol 0^ toiseach, 

Do dhaoine bochd a bha caillt' ; 
'N uair a thainig thu 'nuas le fuaim an t-Soisgeiì, ij 

'S gun aon neach cosnadh do ghradh ; 
Bha sinne gun Dia, 's gun dion, 's gun dachaidh, •] 

Gun rian, no fasgaidh o'n f heirg ; 
'S a mhalluchd gu buan 'g ar ruagadh dhachaidh, 

Gu cuan do lasraichean dearg, 



Ach cheannuich an t-Uan a shìuagh o^n tuiteam,, 

A's fhuair e iuchair a bhàis ; 
a S tha slaint' a shluaigh gu buan 'na chridhe, 

'S cha dual dhoibh rithis bhi'n sàs ; 
Air Calbhari dh'òl e 'n dòruinn uile, 

A's dhoirt e fhuil air an làr ; 
'S a naimhdean bha mòr 's ann leon e uil' iad^ 

'S gu glòrmhor bhuinig e 'm blàr. 

Tha fuil.air ma'n euairt, "sa ghruaidh làn fallas^ 

Sud fhuair e 'n amair na feirg, 
Ach 's gile bhian na ghrian, ''sa gheallach, 

Tha iomhaidh geal agus dearg ; 
*S ged luidh' e 'san uaigh, thug buaidh le cabhag, 
l 'S chaidh suas le caithream gu gjòir; 
A's shuidh e gu buan mar Uan 'sa chathaiA 

'§> tha sluagh nam fiaitheas 'n.n chòir. 



5 



*'S e ghaol a bha siorruidh riaraich sinne, 

A*s Dia bhi leinne *san fheoil ; 
A*s cùpan a ghaol bhi taomadh thairis, 

*S e saor dh* ar n-anam ri òl ; 
Tha buaidh ann a ghràdh a dh'' àrach cloinne, 

Ni ^s fearr na bainn* agus fion ; 
'S an t-anam bhios truagh *ga ruag* "s e folamli, 

*S e 'n t-Uan so baile na dion. 

Tha iocshiaint* *na bhàs, "s tha slaint 1 'na ghealladh, 

"S fo sgàil* tha comunn ri Dia ; 
*S tha feartan gu fàs o ghràs ag sruthadh, 

Bheir bàs air cumhachd gach miann ; 
Tha abhnuichean sòlais glòrmhor failain, 

Tighinn beo o charraig nan àl ; 
So 'm fior uisge beo chuireas ceol 's gach anam, 

A dh'òlas glan e mar tha. 

*S e m* f hireantachd saor, 's mo naomhachd ghlan « 

M*" Fhear-saoruidh, *s carraig mo shlaint* ; 
'S è m* aìtair, a*s m"iobairt-sìth, a*s mo charaid, 

Mo Righ, mo Shagairt, a*s m* Fhaidh ; 
'S air bhunait chinnt*, cloch-cKinn na h-oiseann, 

'S e "n Ti a choisinn mo ghràdh ; 
S *n uair thig e rìs bidh mi ris cosmhuiL 

€re dìblidh bochd mi an tràthsV • 
À'JI 



6 



"S ged luidh mi 'san ùir, theid mo dhusgadh rìs, 

Thoir cliu do Thighearn na glòir ; 
*"S 'n uair theicheas gach duil roimh ghnùis a bhreith i 

Tha mo dhuil ri tighinn na chòir ; - [theamh ■ 
Tliig cùirt leis a nuas do shluagh nam flaitheas, 

'S bidh an t-Uan air cathair na glòir, 
A's tionailidh *n sluagh,*s theidan uaigh a chrathadl 

Le fuaim an làtha bhios mòr. 

Bithidh cumhachd nan speur, bidh nan neimh *sa: 

Gu leir dol thairis le toirm ; [talam' : 

*S theid a naimhdean gu leir o*n treud a sgaradh,: 

Nach do gheill air thalamh d"a ghairm ; 
Feuchaibh, dideanaibh breigrinn gu leir am meai 

Theid breug a*s faileas aìr cùl ; [ladf] 

'S bidh iad *g urnuigh gu treun ris na sleibhte caracl 

'S gu leir am folach o ghnuis. 

Tha guth aig eo treun 's gu'n reub e *n cridhey J 

'S gu*n eirieh crith anns gach feoil ; 
'S their e imichibh uam ris an t-sluagh a rìs, 

Naeh d'fhuair e*n slighe na còir , 
Deanaibh 'n tilgidh gun dàil eadar làmh a"s chasai 

Gu bràth far nach faic iad a ghrian ; 
Sud.an scai a bhios cruaidh *se mo thruaighe ris f 

An'siuagh a bhios gun dion, 



Ach 's sonadh gu bràth an airearnh bheannuicht^ 

O^n bhàs chaidh cheannach le Criosd, 
Cuiridh cumhachd a ghràis na lathair gun smal iadV, 

'S gu bràth cha'n f hannaich an cridrT ; 
Ni e "n crunadh le glòir, 's ròbachan geala, 

Ni 'n comhdach thairis gu'n sàil ; 
'S cha chuimhnich iad bròn, bidh 'n dòruinn thairis 

'S bidh 'n sòlas maireann 'na lath'r. 

'S iongnadh leam fuachd a's cruas mo chridhe, 

Gach uair a bhitheas mi cainnt' ; 
Ma'n ghaol a thug buaidh air sluagh a's cinnicl^ 

'S nach cuallas idir a shamhl ; 
Nì air a miann le ainglibh beachdach 1 , 

'S nach aingidh seachran mo chridh ,> , 
Nach gabhadh e tàmh gu bràth na chuideachd, 

Ma tha mi tuigsinn a bhrìgh. 

O'n thig thu gun dàil, thoir gràs gu freagairt, 

'S thoir fàs air creidimh is gradh, 
'S gu caithris a^s urnuigh lub mo chridhe, 

'S bidh mo dhuil ri d" thighinn gach tràth ; 
'S tha chruitheachd an duil ri ùrach' leatsa^ 

'S an suil gu beachd ris an là, 
,y S an saor thu do shluagh o'n uaigh ^s oh seachra^ 

O thruaiireachd, peac 1 , agus bàis. 
a3 



8 



Ach 's beag a chaidh luaidh dheth Bhuaidheàn tait I 

Measg sluagh *s tu 's maisich na càch ; [neach f 
"S tu 's maisich na ghrian, 's tu miann nan cinneach I 

*S do bhriathran sileadh le gràs ; 
'S tu fìneamhuin nan geug, 's tu reult na madaini ' 

'S tu ghrein a sgapadh na neoil ; 
'S air seachran cha d'theid do threud ro fhada* 

^S tu fein a tagradh an còir. 

'S tu meangan cliuteach, ùr, dh'fhàs fallain^ 

'S tu lub' gu talamh o ghlòir; 
'S an toradh a ghiulan thu ma shireasv 

Gheibh Iudhaich 's Cinnich dheth còir ; 
Tha t-ainm mar an driuchd 's ni's cùbhraidh na 1 

'S o d' ghnuis thig solus sls gràis, [oladt 

'S tha briathran do bheul mar chèir na meala, 

Toir sgeul d'ar n-anam air slaint\ 

'S tu Leighich nan gràs ni slàn na lotan, 

Tha gràineil, goirt, agus ciurt'', 
'S tu nathair 'san fhasaich 's aird' chaidh thogail, 

Thoir slaint"* do'n phobuli bha brùtht' ; 
"S tu Prionnsa na Sìth, chuireas crioch air cogad] 

-'S an rioghachd thog thu le d 1 ghràs, 
\S tu bratach nam buadh ni 'n sluagh a thionail, 

Dha'n dual do leanail gu bruth. 



'S tu fein an ceann-iuil ni'n stiuireadh dhachaidh^ 

A dùth'chain 1 fada gu tuath ; 
'S bidh do ghràs dhoibh as ùr mar dhriuchd na 

Toir ùrach' neart dhoibh gach uair ; [maidainn 
'S Su leomhann treubh ludah, 's jiùr nan gaisgeacb., 



'S tu dhuis^ a mach as an uaigh : 



'S bidh naimhdean do ghlòir na'n stol fo dVhasaibh^ . 
'S domhòrachd marcachd le buaidh 

'S fear tagraidh thu, ann an cuirt nam flaitheas, 

Ro dhluth dò chathair nan gras, 
'S tu aingeal a chumhnant, 's tùis 'ga mhasgadh, 

Ni 'h urnuigh taitneach na lathair ; 
'S tu suim do gach samhr, 's tu ceann na h-Eagluis 

'S gach àm ni freagairt na h-ait' ; 
'S an Sagairt, 'san iobairt, chriochnaich annad 5 

'S tu brìgh a's anam gach sgàil, 

'S tu suim agus brìgh a Bhiobail uile^. 

'A sgriobhadh dhuinne le.Dia, 
'S tu beath' gach feoil, 's tu glòir na cruith^eschtìj 

'S tù -s oirdheirc chunnaic sinn riamh, 
'S tu grian agus gloir, 's tu ceol nam Haitheas^ 

'S tu dortadh maitheas gach taobh, 
,*S ged robh siorruidheachd ann gun cheann air 

Cha rannsaich uile do ghaoL [dhuinne^ 



10 



© sibhse thug speis dha treigibh 'm peacadh* 

'S gach ceum do sheachran an t-sluaigh, 
A's leanaibh e fein le ceumaibh seasmhach,] 

Toir geill d'a reachdan gach uair, 
O bithibhse naomh, 's thugaibh gaol 'nar cridhc t 

Dha fein, d'a shligh', 's d'a shluagh ; 
A's seinnibh an tràths 1 le gràs air an t-slighe, 

'S ni 's fearr 'n uair bhios sibh shuas. 



AN GEATADH CUMHANN. 

'Se naigheachd bhrònach a ta ri luaidh, 
A's tha e sgriobhte le firinn bhuan, 

Gur beag tha beo, *s gu *m b'eil sligh 1 na dòruinri^ 
'S ann air a domhlach' le moran sluaisrh. 



-»■ 



*Se 'm peac thug bàs oirrm sa dlffhag sinn mall, 
'Se mhill sliochd Adhamh, 1 sa diYfhag iad dall 

B^e mortair treun e, a mharbh gu leir sinn, 
Thug malluchd Dhe oirnn 's na h-uile call. 

Ach Uan De rinn e 'n reite a rìs ; 

'S bV 'n sgeul ro eibhinn gu'n d'eigh e sìth, 
Le fhnil a dhortadh, a\s fheoil a reubadh, 

Chaidh lot 1 sa cheusadh air Caìbhari, 



^ 



11 

S tha dorus tròcair air f hosgladh sao**, 
'S gach neach ghcibh eolas air meud a ghaolj 

^uiridh iad an dòchas 'na ainm ro-ghlormhor, 
'S cha'n fhaic iad dòruinn gu saGghail nan saogh , I 

Anam ma's àil leat bhi 'n sonas buan, 

Gabh ris an t-slaint 1 so 's thoir gradh dha 'n Uatr> 
Etach 'stigh gun dail, 's ann air geat' nan gràs so,' 

3\la'n d'thig am bàs ort, 's gu 'm bi thu truagh, . 

3ir 's mòr do dhìt' air na h-uile dòigh, 
Ma ni thu di-meas air sìainf co mòr, 

Bidh peanas dubailt' do'n dream chuir cùl ris, 
'S a lot as ùr e 'sa bha 'ga leon. 

*Lch mo 's aon thu bheir gaol da fein, 

'S air sligh' na naomhachd gu 'n lean thu cheuftu 
Bonadh gu bràth thu, 's cha chiurr am bàs thu, 

A's gheibh thu lathaireachd 's gu bràth cha treig, 

AM BIOBAL, 

Eisdidh riums' ars' am Biobal, - & 

'S gheibh sibh eolas air firinn bhios buaa^ 

'S ann aig na naoimh bhios mi prìseal , 

Ach bheir mi comhairlean dìhs do'n t-sluagh r 



12 



Se'n Spiorad Naomh rinn an fhifinH, 

Air mo chridhe 'sgriobhadh gach uair ; 
A's cha 'n ath'raich ni dheth, 

Ged theicheadh muir, agus tìr, agus cum 

Tha na h-Abstoil *s- na faidhean, 

'S na h-uiie fìrean a ghràdhaich an t-Uan ; 
À' cuir an seula gu bràth ris, 

'Sa dearbhadh-uile gu'n d'thainig mi nuas; 
'S gur mi lochran an t-saoghail, 

'S mi bheir eolas do dhaoin air an truaigh, 
'S tha mi foillseach'' Fear-saoruidh, 

Dha na braighdean tha 'n daorsa ro chruaidk; 

Ma 'se 's nach dorch' 1 iad mo chomhradh 

Le briathrean gun eolas, gun fheum, 
*S mise a dh'innseas an dòruinn, 

Do gach neach nach d'f huair eolas Mhic Dhe ; 
Tha iad uiJe thaobh naduir 

Fo na mhaìluchd, 's am bàs tighinn 'na dheigh 
'S gu 'm Feil corruich an Ard-Righ 

Air gach neach tha gun ghràs fo na ghrein. 

'S mar beirear a rìs iad, 

? .B mar d'thoir eolas air losa iad bep, 



13 



v Bidh iad gu siorruidh fo , n dìteadh, 

'S theid an dùnadh a Rioghachd na Gloir ; 

Ma 'se 's nach creid iad an fhirinn, 
■'S mar-bi !n aithreachas fior air gach dòigh, 

Cha bhàsaich iad mar am firean, 
'S ann a luidheas iad sios ann am bròn. 

Àch an dream a gheibh eòlas, 

'S tha creidsinn gach dòruinn a t'ann, 
■'S tha nis ag eigheach, dean tròcair, 

Air neo bidh sinn an dòruinn gun cheann ; 
Ni mi direach an seoladh 

Dh'ionnsuidh 'n iobairt as glòrmhor a th'ann^ 
■'S cha 'n fhàilrng bunait an dòchais, 

Ma 'se 'n fhuil a chaidh dhoirt'* air a chrann, 

Ann an gnuis an Fhear-shaoruidh, 

Chi iad tròcair, a's gaol ann. a's gràs, 
'S bidh mis' a feuchainn a ghaol dhoibh, 

Gus am faic iad co saor 'sa tha slaint^ 
'S their mi, olaidh gu saor dheth, 

'Se 'n t-uisge beo th'ann 'bheir daoine o'n bhàs 
3ibhse tha tartmhor, na caomrTnaibh, 

Tha cuan mòr ann 's cha traogh e gu bràtL 



14 



^San dream a chuireas an dòchas, 

Anns 'na geallanaibh mòr bheir mi dh,3« 
Gheibh e sìth, agus tròcair, 

Gheibh e sonas, a's sòlas, a's gràs ; 
Gheibh e bàs ann an dòchas, 

Ris an ais-eirigh ghlormhor as fearr ; 
'S gheibh e oighreachd 'sa ghlòir sin, 

Far nach coinnich e bròn ann gu bràth. 

A.ch tha mi 'g innseadh gu saor dhoibh, 

Churn 's nach meallear na daoine le sgàil, 
Gu 'm b'eil comhar > ri fhaotuinn, 

Air gach neach air Yi do shaoruich mo ghràs. 
CTn nach eil iad gun truanTeachd, 

Bidh iad dealluichf air uairibh am pairt^ 
Ach bidh iad naomha 'na "n gluasad, 

Bidh iad iriosal, stuaima, thar chach. 

Tha iad 'g aicheadh mi-dhiadhachd, 

'S thug iad fuath dha bhi riarach'' na feoii, 
'S tha 'n co-chomunn an uaig'neas 

Ris an Athair tha shuas ann an glòir. 
^S iongantas fo na ghrein sud, 

Mar tha iad gradhach a cheile co mòr, 
^Sa chum an'man a shaoradh, 

Qu'xì dean iad cosd , agus saothair gu leoi^ 



13 



Siad geugaii torrach an fhion-lios, 

A's cha bhi iad mar chrianach gun bhlàth^ 
S o'n cha 'n suidheach' 'sa ^n fhkfuin, 

Bidh iad sultmhor 's gu siorruidh a fàs ; 
tfi iad aoradh d'a riridh, 

Ann an spiorad, Vam firinn tre ghràs, 
S bidh iad treibhdhireach dìleas, 

Anns an aidmheil a ni iad na lathV. 

i Àch luchd breug, a's cul-chainidh, 

Misg, a's mionnan, aVàrdan, a^s strìgh, 
§anntach, neo-ghlan, mi-nàrach, 

A ? s luchd-aidicrT gun ghràs a tha cli ; 
^San dream tha bristeadh na Sàbaid, 

'S iad le 'n aing'eachd a fàsach 1 *na tìr, 
Tha imV ag innseadh dhoibh tràtheil, 

Nach eil cuid ac^ no pairt ann an Criosfl. 

Nis, gabhaidh foghlum a chairdean, 

'S mis'' fear-teagaisg is fearr tha fo'n ghreia^ 
Cha 'n eil duine gun fhàiling, 

'S cha bhi 'n leabhar ni's fearr naiad fein ; 
Àch 's mis' leabhar an Ard-Righ, 

'S nach mearachd, no fàiling, no breug, 
Soilleir mar chriostal tha m"' f hìrinn, 

-Ruith mar bhainne bho Righ-chathair DJu\ 






16 



'S mi tobair an eolais, 

'S an dream theid domhain 'sa dh'olas gun dìth, 
*S a bhios a creidsinn 'san dòchas 

Guto dean an Spiorad an seoladh *s gach nì ; 
Ni mi m s tuigsich re ^m beo iad, 

Na nan seanairean mòr anns an tìr, 
Ma bhios iad 'g urnuigh _, sa leughadh, 

Tric a smuanach' > -'s gur-lèir dhoibh mo bhrìghX 

'ftinn mi fianuis 'san t-saoghal, 

O'n la thug Maois mi o'n uaigh ; 
Ach 's trìc a chuir iad gu faoin mi, 

'S tric a sheachain iad m 1 fhaobhair bha cruaidh, 
'S tric a chuir iad gu bàs mi, 

Ann an Sodom 's am Babilon thruagh, 
"*S tric a luidh anns na sraidean, 

Fo na cosan bu tàireil de 'n t-sluagh. 

Ach tha mi nis orra ^g eiridh, 

'S chi mo naimhdean gu leir mi dol suas, 
*S tha mo chairdean fàs treubhach, 

'S 3l cuir an guailnibh ri cheile 'san uairs' ; 
Tha aon aingeal ro threin, 

Ruith leam mar iolar nan speuraibh ag luath'^ 
'*S tha Aingeal eile ag eigheach, 

Thuit Babiìon bhreun ann san uaigh. 



ir 



3 theid mi gu iomal an t-shaoghail, 

Deanamh sgeul air Fear-saoruidh na'm buad&i 
3 ni mi bhratach a sgaoladh, 

Chum 's gu'n tionail na daoine ma'n cuairt ; 
^abhraidh mis 1 anns gach canuin, 

'S ann air slighe na slaint' bhios mi luaidh ; 
5 theid na Cinnich a shlànach', 

'S bheir iad cliu agus gràdh 's ann do'n Uan^ 

5 iomadh neach bha gun dòclias, 

'S iad air seachran gun eolas air sìth, 
linn mi , shoil]seach , 'sa sheoladh, 

Dtfionnsaidh oighreachd a's glòir ta gun chrìchì 
3 iomadh cridhe bha brònach, 

Rinn mi subhach le eolas air Criosd ; 
3 rinn mi glic. am fear gòrrach, 

*S rimi mi cairdean de mhòran bha strìglh, 

3 iomadh duine bha aingidh, 

Làn àrdan a's gamhlas 's mi-run, 
linn mi gheilleadh 'sa cheannsach 1 , 

'S dh'fhàs iad iriosal, gràdhach, a's ciuin; 
3 iomadh duine bha fiadhaich, 

'S a cuir an aghaidh na diadh'achd gu chn^ 
)ha tf d x f heuch mis' 'am Fear-saoruidh, 

^S thug iad geill da, a's gaoi agus cliàr 
1» 



i 



1S 

? S icmadh fear-aidieli' a's Pharasacfr, 

Bha daonnan 'g an arduchadh fein , 
Dha 'n d'fheuch mi truaiìl'eachd an naduir, 

Gus am fac iad an grainealachd fein, 
Gus an d'eigh iad a bhrathrean, 

Am Keil dòigh. ann air tearnadh dhuinn fein, 
'Sa 'n uair a drTfheuch mi dhoibh Slanuighear, 

Thug iad urram a"s gràdh dha, sfs gcill, 

*"S an dream thug gràdh do Iehobhah, 

'S mi bu shòius 's bu lochran d'an ceurn a 
'Semo statuin bu cheol dhoibh, 

Anns gach càs a toir sòlas dhoibh fein ; 
Ni mì 'n stiuireadh ^san treorach , J 

G us an »uig iad an glòir, h nach bi feura 
Air grian, no coinneai, no lochran, 

'S cha dorch' an la le neoil feadh gach" rà 



19 
GEARAN NAN GAEL. 



'S an t-seann seanachas, bha Gaeil ainmeil 

'Measg dhaoine b'ainmig an leithid ann, 
J§e gaisg' 1 a's cruadal, a's creach"* air uairibh, 

'S bha 'm fuil co uabhrach toir buaidh dhoibh ami^ 
Gun tuigs' gun chial ac\ ma thimchiol siorruidheachd^ 

'S cha chual iad diadh'achd bhi idir ann ; 
A.ch baisf a's posadh, a's suidh aig orduigh'n, 

B'e sud an dòchas a bha na'n ceann. 

Àch cliu gu sonruicht' do Righ na Glòire, 

Tha caochladh mòr air tighinn oirnn san àm, 
Tha sòlus glòrmhor tighinn tre na cheo oirnn, 

'S tha 'n t-uisge beo air dol feadh nan gleann ; 
S tha 'n dream bha gorrach nis 'g iarraidh eolasj, 

'Se 'n eigh an cò'naidh nach dthig sibh nall & 
A. theagasg eolas do Chaledonia y 

Nach b'i sinn dòruinneach aig a cheann. 

>ibhse fhuar gràs, gabhaibh truas 'na thràth dhinn* 

Ma^n d'thig am bàs oirnn 's nach bi sinn ann ; 
Thigibh *s feuchaibh dhuinn rathad tearnaidh, 

Gun eolas tha sinn, 's gun ghràs 'san àm ; 
Stn luchd-teagasg blàth sin,adheanadh stàdh dhumjj^ 

Air feadh na Gàeltachd tha iad ro ghann ; 
'S cha tuig sinn Beurla *s cha leugh sinn Gaelici 

'Se 'm peac' 'sam bàs rinn ar fagail fann* 



20 



Sibhse fhuar talann, a^s gibht', a^s gràsan, 

Labhraibh gu dàn ruinn, gun bhi 'nar tosd 5 
A's sibhse tha saibhir tha feum an tràths' air, 

Nis còmhnaibh càch, a's na cunntaibh 'n cosd ; 
'S gach neach fhuar gràs bithibh 'g urnuigh ghnàth, 

Ris an Ti as airde gun tàmh, gun chlos, 
Luchd-oibre àraidh chuir feadh na Gàeltaehd, 

Am feadJi 'sà ta sinn aig stòl a chos. 

B'e ar cleachd 1 o'r n-oige bhiaotrom gòrrach, 

Gun neach a seoladh dhuinn sligh ni's fearr; 
Bhiodh tionail mòr anns na tighinn-ceol dhinn, 

Bhiodh seinn air oran, bhiodh spors' a's gàir', 
Bhiodh cuid le bosd deanamh mionnan mòr ann, 

'S an t-Ainm ro oirdheirc 'ga luaidh le tàir, 
? S bhiodh misg a's neoghlain' 's na tighean òsda,— 

'Sud sligrT na dòruinn à'an crioch am bàs. 

'San t-Sabaid ghlòirmhor bu chòir a naomhacrT, 
' 'S tric chaitrT sinn faoin i bho cheann gu ceann ; 
X^e cainnt ro dhiomhan ma thimchioll Fìanntaibh, 

'S gach gnothaich tìomail a bhiodh "n ar ceann, 
Air cnuie 's air sleibhtean, 's na tighean ceilidh 3 

Bhiodh sinn le cheile a tionail ann ; 
Ach cha b'e 'm Biobal a bhiodh 'ga ìeugh'adh, 

Ach faoin s^eul. air nacn d'thigeadh ceann. 



21 



ag uair na h-urnuigh bidh 'n sluagh fhuair itil ai% 
A tionail dlùth dh'ionnsaidh cathair nan gràs* 
bhiodh ìobairt chùraidh o chridhe ^0^' ann, 
'S Aingeal a chumhnant 'ga cuir 'na lathair ; 

.ch sluagh gun chùram, rachadh 's na cùilteai^ 
Mar theid na brùidean a ghabhail tàmh, 

lun -leugli-, gun urnuigh, gun seinn air cliù dha 3 
'S Ve sud an duchas bha measg nan Gàeil. 

ihiodh eagal mòr orra roi 1 na bocaìdhean, 

'S iad faicinn mòran diu' nach biodb aniF; 
Ihiodh gisreag' 's òrrachan, 's seachnadh chòmhkich- 

'S mòran seòlaidhean ann na'n ceann ; [eaifc' 

Jhiodh aca Sìghichean anns gach sìth'ain, 

A bheireadh sios leo mnathan a's cìann, 
Sbhiodh cuid a^bruadair 'sen sluagh 'ga mhmeach' 

'S £fUR ohuth air Biobal bhi idir ann. 

o o 

^ach truagh ri innseadh gu 'm biodh na miilteai^ 

Do dh'an'man prìseal co anabarr dall r - 
S guìi dtheid iad direach 'n aghaidh na f irinn, 

'S nach creid iad nì dheth a bhi gu'n caH ; 
Sibhse tha cuir Biobail 's ìuchd teagaìsg fìrinneach,. 

Dh'ionnsaidh Innseanaìch fada thall, 
tfàch cuir -sibh pairt diu' 's gach eilean Gàe'ìach, 

Oir 's truagii gu bràth dhuinn nia bhio» sinn mafl, 



22 



(Tn dh'f huiling losa, *8 gu'n deach* a cheusadh, 

'S gu n n dthuirt e fein gu 'm Ve sud a mhiann, 
Gu^rn biodh an f hìrinn 'ga cuir an cèill 

Dha na h-uile creutair tha fo na ghrian ; 
'Nis\ na biodh Biobail an lamh gach creutair, 

Tha toil gu leugh'* ann nach robh ann riamh § 
'S na^m biodh an fhìrinn 'ga cuir an ceill duinn, 

Theid sinn ^ga h-eisdeachd ge b" 1 ann air sliabh. 

*S ma gheibh sinn eolas air an Aon ghlòrmhor, 

Rinn f huil a dhortadh air Calbhari ; 
Cuiridh sinn ar dòchas 'na iobairt mhòr-san, 

'S bheir esan còir dhuinn air slaint' gun dìth ; 
Ni e 'ur treoruch* o shligh > na dòruinn, 

'S ar cos a sheoladh air sligh"* na sìth ; 
*S focal lehobhah bidh dhuinn 'na lochran, 

'S cha 'n e na seolachan tha gun bhrìgh. 

A Righ nan Sluagh, 'se a's fearr 'san uair so, 

Bhi sealltuinn suas riut a 1 d' ionad tàmh ; 
*S mar eisd an sluagh ruinn, a Righ gabh truas dhinfl 

'S.ar gearan truagh thigeadh ann do lath'r; 
'n thathubeo, a's gur toil leat tròcair, 

Thoìr dhuinne eolas 's ann air do ghràs ; 
Ach cìa mar labhradh sinn air an dòigh si% 

'S ann air do mhòrachd a rinn sinn tàuv 



23 



Lch cait* an d'theid sinn, no cò ni feum dhuinn, 
Cha'n eil fo 'n ghrein neach a ni dhuinn stàdh, 

Lch Uan De, o*n *se pbaidh an eiric, 
Le meud an eifeachd a bha *na bhàs ; 

> ma gheibh s'nn sgeul air 's gu*n dean sinn feum 

: 'S gu n dean 'tliu -eisdeachd ruinn air a sgàth, [dhethj 
idh sinn fo dhìon, *s theid sinn as o phiantaihh, 

I A seinn gu sio..*uidh air cliu-do ghràs,. >. 

I ♦ 

CÒMHAIRLE DO*N OIGE. 

f Bheirinn comhairì* do *n oigridh, 

*S tha mi *n dòchas *s an duil, 
Gu*n dthig an gràs a bheir beo iad, 

*S gu'm faigh iad eolas a*s iul ; 
Gu*n dthoir iad gràdh do Iehobbah, 

Gun dthoir iad glòir dha a*s cliu, 
'N uair nach cluinn iad mo èbèmhradbj 

'S a blùos mi chòmhnuìdh *san ùk*. 

"Nis eisdidh an tràths* rium, 

Sibhse a chairdean tha òg, 
*S mis* gu cinnteach *ur bràthair, 

Chaidh tre gach pairt dheth *ur- sejjl ^ 



2è 

Oir geà a bha mi ri urnuigh* 

'S tric fo churam o ^m oig', 
'S ann do 'n pheac' bha mi 'geilleadh^ 

A's cha do cheus mi an f heoil. 

• Ach mo dhuil 'san Fhear-shaoruidh, 

O'n bha ghaol co ro mhòr, 
Gun deach' a mhathadh gu saor dhomh, 

'S gu 'm bheil m 1 Fhear-saoruidh nis'' beo. 
Grian a^s sgiath e gach là dhomh, 

'S ann fo sgàil bhios mi beo, 
O 's ann tha bheatha na fhabhair ft 

S gealladh àraidh do 'n oig\ 

'Mheud 'sa dh ? iarras mi tratheil, 

'Sa bheir gràdh dhomh naYi oig\ 
Bheir mi gaoi dhoibh nach f hàiiingj 

Bheir mi gràs dhoibh a's glòir ; 
Bheir mi sonas gach là dhoibh, 

*S ni mi 'n àrach ri 'm beo ; 
'S gheibh iad cinnteach mo lath'rachd., 

Dol tre f hàsach nan deoir* 

Bidh mo ghairdean ma , n cuairt dhoibh, 
'S bheir iad buaidh anns gach ceum, 
S S cha dthoir namhad 'choidhch uam i&è* 



Tha mo ghuaiinibh. co treun ; 



25 

ìiì iad m'fhirìnn 's mo bhuaidhe»% 
Measg an t-sluaigh chuir an cen% 

'S bidh mo shuilean gu buan orr 
'S iad na h-uain air an treud. 

O cKlann ! na deanaibh tàir air, 
• (Tn 1 se 'm bàs bhi cuir cùl 
B Fear-saoruidh co gràsmhof, 

'S.gur e Ard Righ nan duil ; 
Dhoirt c fhuil chum 'ur tearnadh, 

'S ihug am bàs e do Vi ùir ; 
'S mo 'se aV gu 'n creid sibh 'na thràth am^, 

Bidh sibh gu bràth seinn a chìiu. 

! nach leugh sibh a chomhradh, 
'S bheir e bròn air 'ur cridrT, 

ÌMar chaidh lotadh "'sa leonadh, 
'S fhuil a dhortadh gun dìth; 
Tha gach namhad an tòir air, 
'S fuil, a's feoil, ris a strìgh, 
Ged 1 nach dVinn e riamh foirneart,— 
Righ na tròcair a's na sìth. 

Faicibh, chairdean ''ga threigsinn, 
'Sa naimhdean treun tha ro dhian, 

Sa Viuair bha 1 m buachail 'ga cheusadl?,, 
Sgap an treud air gach gliabh ; 



m 

Ifaicibh anam 'ga reubadh, 
Le claidhe geur ceartaìs De, 

'S ann *san uair sin a'dlfeigh e» 
na treig mi mo Thriath ! 

Nach eil 'ur cridheachan oga, 

Nis an tòir air a ghaol, 
'S gu*n robh e fein co ro dheonach,, 

'S gu 'm beil a tliròcairean saor ; 
Bheir e saibhreas gu leoir dhuibh, 

'g iomadh sòlas faraon ; 
*S bheir e oighreachd ann glòir dhuibh 

'S fearr gu mòr dhuibh na*n saogh't 

€hlann a ghaol thugaibh geill da, 

'S ìeanaibh cheuman gu dlùth, 
*S deanaibh 'm peacadh a threigsinjì* 

'Se sud a cheus e air tùs ; 
0*n a phaidh e 'ur n-eiric, 

Thugaibh geilì dba a's cliù ; 
'S cruaìdh *ur cridhe mo theid sibh 

'Ga cheusadh as ùr. 

*S ma theid sibhse chuir dàil ann^ 

Ribidh càch sibh *na*n lìn, 
"Ì3 bidh na miannaibh fàs laidir^ 

'N uair theid an àrach' le tìom ; 



m 



S iomadh innleachd th'aig Sàtan, 
'S tha sruth ar nadur a ruith sios,, 

\!% ged mheall iad an tràths'* sibh, 
Bheiriad am bàs aig a chrioch. 

S mòr buannachd na h-oige 

A gheibh eolas air fein ; 
Jidh tuilleadh tìm agus treoir ac\ 

Gu oibribh mòr chuir an ceill ; 
Jheir sud gu onoir ro mhòr iad, 

'S bidli tuilleadh glòir dhoibh air neimh ; 
5 air feadh an là ni iad sòlas 

Ann an tròcairean De. 

)h'iarr loseiph a's Maois e, 

'S thug iad gaol do an oig', 
) b'fhearr leo masiadh 'n Fhir-shaoruidh, 

Na bhi na'n daoine ro mhòr ; 
1 'f hearr leo còir 'san Fhear-shaoruidh. 

A's ann a ghaols' a bhi beo, 
|'a na sòlasan faoine, 

Bh'ann an saoghal nan deoir. 



•> 



h'iarr Righ Daibhidh gu luath e^ 
S e 'na bhuachail ri treud, 
gu sean aois rinn e ìuaidh air, 

'S chuir e bhuaidhean an ceill ; 
c 



m 

\S an nì thug subhachas inòr dha, 
Chuir e 'n oran dhuinn fein, 

'S iomadh cridhe ro bhrònach, 
Dha'n dthug iad sòlas 'na dheigh, 

Ged bha Solamh air àrach' 

Ann àillghios gu leoir, 
'S e 'm Fear-saoruidh a bfhearr leis, 

'S thug e gràdh dha 'na oig'' ; 
Tha Ghnà-fhocail r® fheumail, 

Anns gach ceum dh'ionnsaidh glòir ; 
'S'ann na chainnt tha mòr eifeachd, 

A stiuireadh ceuman na hnoigo' 

Bha Ieremiah a's Samuel 

'N am faidhean gle òg, 
'S air son bhi leantuinn na f ìrinn 

Fhuair iad trioblaidean mòr ; 
'S an aghaidh aingidheachd na tìre 

Thug iad f ìrinn gu leoir ; 
'S bhiodh iad 'g urnuigh os iosal, 
' 'S tric ri mi-ghean a's ri bròn. 

B' òg Iosiah 'ga iarraidh, 

Ochd bliadhna do dh'aois, 
? S ged bu Righ e bha riaghladh^ 

Bha e diadhaidh maraon ; 



• I 



29 

J uair a leugh e an f hìrinn, 
Bha chridhe dìleas a's rnaoth, 
thug e aingidheachd na tìre 
Gu bhi fo chìs air gach taobh. 

i chi sibh Timoti rìs, 

Bha 'n creidimh fior ann bho oig'; 
tieol a mhathair dha 'n f hìrinn, 

A's bha e dìleas rè bheo ; 
,'s ged bha Ios' air a cheusadh, 

Thug esan speis da bha mòr, 
ha e leantuinn a cheuman, 

A's bha e feumail do Phòì. 

1 chlann ! cuiribhs' 'ur dòchas 

Anns an tròcair tha saor, 
> leanaibh 'n eiseimpleir ghlòrmhor, 

Th' aig an t-seous' thug dha gaol; 
red their càch gu bheil sibh gorrach, 

'S gur tràth gu leoir dhuibh bhi naomh 3 
hir bcchd bhi siubhal co brònach, 

Gus an tòisich an aois. 

i.ch 's fearr dhuibbse bhi ciallach, 

'S a bhi fo dhion ann an tìm, 
so bhi 'n cunnart nam piantaibh, 

'S a dhol gu siorruidh an dìth ; 
c £ 



! 80 

J S fearr siubhal 'na fhabhair, 
'S a dhol gu bàs ann an sìth, 

Na na h-uabhasan gàbhaidh, 

Bhios coinneacb' cach aig a chrìch. 

5 S fearr codal mar fhìrean, 

'S dùsgadh rìs 's a bhi beo ; 
Na bhi bàsach' fo n dìteadh, 

'S eiridh rìs ann am bròn ; 
• S fearr dusgadh 'na iomhaidh,- 

'S a bhi niar ghrian ann an glòhy 
Na bhi fulang gu siorruidh 

Anns na piantaibh ro nihcav 

Sìàn leibh nis' a chàirdean 

'S O ! gun dàil, bithibh naomh, 
Ged a dhfhuilingeas sibh taircuis, 

Air a sgà bho chlann-daon', 
Cìnnt* ni siorruidheachd an àrd sibb, 

Ann aai Pharas a ghaoiì, 
\S èha bìii bròn, 's cha bhi bàs ann, 

'S gheibh sibh kth'rachd gu saor. 



o 



ORAN DCTN AOIS. 

\ir dhomh hhi smuanach' air m' ionndrai^ 

Thachair seann-duine liath orm, 
S thug mise urram do 'n aois, 
I 'S bha es' co faoilidh 'sa dh'iarrainn ; 
Ach 'se mheudaich mo bhròn, 

Gur e seann storie dh iarr e, 
S ged bha neart uil' air f hàgail, 

Cha robh càil aig' do 'n diadhachd, 

Se so na smuaintean a dh'eirieh, 

Mo thruaighe lèir ! mar a ta thu, 
S truagh nach d'fhuair thu bho t-oige 

Fior eoias air slainte ; 
Na'n dfhuair, 'se bheireadh dhuit sòlas. 

Naigheachd ghlòirmhor ma'n t-Slanuighear 3 
'S bhidh tu seoladh mo cheuman, 

Le comhairl 1 fheumail a b'fheard"* mi. 

!Bu shona dhuit ann a t-oige 

Na'n d'fhuair thu còir 's an Fhear-shaoruidh 3 
j'S gu'n chaith"' thu neart agus treoir, 

Aciium a ghloir-san a sgaoladh, 
Bhidh tu 'n diugh mar bu chòir dhuit, 

A' tighinn beo air a ghaol-sah ; 
Agus bhiodh toradh a^s blàth ort, 

Ged a thainig an aois ort 
c3 



82 



Bhiodh tu £011186^0^ a ghlòir-san 

Do'n àl òg a tha g eiridh ; 
'S do cheann liath 'na chrùn glòir dhuit, 

O'n bhìodh eolas Mhic Dhe ann ; 
Bhiodh tu 'g iarraidh an Ard Righ, 

'S bhiodh a lath'rachd 's gach ceum leat ; 
'S o , n 'se d' chairid a bT hearr e, 
• Bhiodh tu 'g àrach'' na treud aig. 

Bhiodh sìth, a's sonas, a's dòchas 

Dol an còdhail a bhàìs ann ; 
'S thigeadh ainglibh o'n glòir, 

A chum do threorach 1 gu Pharas ; 
An sin bhiodh t-aoibhneas co mòr, 

'S nach eil neach beo a ni aireamh, 
'S cha dthigeadh aois ort na leonadh, 

Ach siorruidh beo ann a lathaireachd. 

Ach 's ann a tha thu a , d' ) chrianach, 

'S do cheann liath dhuit 'na nàire ; 
'Se 'g innseadh nam ficheadan bliadhna 

Chaith thu gun Dia anns an f hàsaich, 
Chaith thu madainn na h-oige, 

Ri cluiche, spòrs\ agus gàirich ; 
■'$ ged thug.an làtha do threoir uat, 

Tha thus' co feolmhor 'sa bha thu. 



3$ 



*S o'n a thainig an aois ort, 

'Se nithe 'n t-saoghal bu Dhia dhuit ; 
Bha thu 'g an ruith mar a dhfhaod thu, 

'S cha d** rinn a h-aon diu' do ^^^0^ ; 
Tha thu 'n diugh air do shàruchV 

'S cha dean càch mar is miann leat, 
Tha thu t-eallach do d' chairdean, 

'S do dhroch nadur 'g an pianadh, 

Ach 'se sgeul is ro chràitich 

Gurn b'eil am bàs ort a tighinn ; 
1 S gu 'n toir thu cunntas mar bha thu, 

Ann an làthair a Bhreitheamh ; 
Bheir thu cunntas ma d' ghluasad, 

Do chainnt, a's smuaintean do chridhe, 
'S iomadh tròcair bha luaehmhor, 

'S gach gairm a fhuair thu gu tighinn. 

An sin chi thu le searbhas 

An carn feirg bha thu tional, 
^S an t-eallach trom nach gabh giulan, 

Bheir sios gu dlùth thu gu g-^anas ; 
^S biodh sud a meudach'' do dhòruinn, 

An t-àl òg bhi 'g a d"* ìeantuinn, 
'S le t-eiseimpleir 's do sheoladh, 

Guìi d' rinn thu'n treorach' \sa mhearachd. 



Ach tha tròcair ann fathasd, 

Ani feadh 's tha là na slaint' ann, 
Tha sonas siorruìdh ri f haotuinn^ 

Ceart co saor 'sa ni gràs e ; 
O'n chaidh an obair a chriochnach\ 

'Ni na milltean a thearnadh, 
'Sa thionndai'eas mòran o'n seachran* 

Do na peacaich is graineil. 

Ma 'se "s gu'n crejd thu an f hirinn^ 

Bheir an iobairt ud beo thu, 
'S bheir e fìreantachd bhuan duit, 

A's athnuadhaichidh t-òige ; 
Theid a ghaol feadh do bhuaidhean', 

'S ni thu uaill ann a mhòrachd, 
'S bidh fuil an Uain duit co priseal, 

'S gur e do shìth e 's do dhòchas. 

'S ged tha 'm peacach ceud bliadhna, 

Gach làtha riamh fo na mhalluchd, 
Ma philleas e gu bhi diadhaidh, 

Ma 'n aon-uair-deug gheibh e beannachd ; 
Fhuar an gaduich saor thròcair, 

'Nuair bba'n deo ann gu fannaeh', 
5 S chi sibh rìs a mac stròghail, 

Fhuair e tròcair gun. cheannach'. 



33 



Ach ma theid thus 'a chuir dàil ann, 

'S gu 'm b'eil am bàs co ro dhìuth dhuit^ 
Theaga gu 'n duisg thu a màrach, 

A's là nan gràs air do chùlthaobh ; 
Chaill thu 'n là a bha soillseach, 

'S tha sgàil na h-oidhch'' air do shuilean, 
Chaiìl thu 'm foghar"' 'san sàmhradh, 

'S tha stoirm a gheamhraidh tighinn dlùth of t. 

*'S mòr tha choslas a bhàis, 

Air taghaidh, 's dhairnich do dheudach ; 
Tha ehraobh Almon fo bhlàth, 

'Sna daoine laidìr a' geilleadhf 
Dh'fhaiPnich nigheanaibh 'chiul, 

A's cha 'n eii surd ort 'g an gleusadh, 
Tha crith do lamhan 's do cheann, 

A's dh'fhas thu mall ann do cheum'naii;- 

O 's mithich dliuit dùsgadh, 

Ma 's an dùn ort na flaitheas, 
Tha cudhrom t-anam ri fhaotuinn ? .' 

Air snathain caol 'se air caithe,- 
'S doilich leam mar a tha thu, 

'S an dara bàs ort a feitheamh, 
Ma 'se 's nach bi thu fo dhion, 

Mu 'n dtheid a ghrian ort a luidher 



36 

BAS AN FHIREAN. 
*S thoir leam gur sona '» aireamh, 

Tha fàgail gleana nan deoir, 
S' tha dol gu luath do ? n àros 

Tha uile làn do ghlòir ; 
Far nach claoidh am bàs, 

'S nacrrdthig namhad air an tohy 
'S nach cuimhnich iad mar bha iad, 

'Gan sarach'' anns an fheoil. 

O'n se 'ri t-Uan thug speis dhoibh, 

Cha treig e iad gu bràth ; 
"S gun cheannaich e dha fein iad 5 

Bha 'n eifeachd sin ^na bhàs ; 
Bu toilicht > phaidh e n' eiric, 

'S e fein a thoir na'n àitV 
'Se fuil na h-iobairt-reitich, 

Ni feum dhoibh ann's gacli càs. 

Rinn e o^n lagh an tearnadh, 

'Sa 'm fiachan phakìh gu leir, 
!*Sa naimhdean chuir fo shàilean ; 

Bha ghairdean laidir treun, 
A's dhoirt e spiorad gràs orra, 

'Nuair chaidh àrdach fein ; 
A's dh'ath'raich sud an nadur, 

QvCiì dthug iad dhàsan- speis. 



3< 

O'n chreid iad ann a f hirinn, 

Bha 'n inntinn dol na dheigh., 
A's fhuar iad e ni's priseal, 

Na nì 'sa chruinne-che ; 
B'e 'n cliu san onoir àrd sud, 

Gun dthug iad dhàsan speis ; 
'S gun nlhiannaich iad gu bràth, 

Bhi 's an aite V. am biodh e fein. 

'S math dhoibh nis gu'n dfhuair iad 

Co luath dol as an fheoil, 
'S a dhol a stigh do'n t-shuaimhneas, 

Far nach bi luaidh air bròn ; 
Bidh iad gun smal gun truailPeachd, 

Ma 'n cuairt do'n Chathair mhòr ; 
'S bidh h-uile neach thug buaidh ani^, 

'S an t-Uan 'na uile ghlòir. 

Cha toir corp a pheacaidh 

Air seachran iad ni's mò, 
'S cha bhi iad mar a chleachd iad, 

A' gleaohdadh ris an f heoil ; 
A's saigh'dean teinnteach Shàtan 

Gu bràth cha tig 'nan còir ; 
"S cha'n fhaigh mi-chreidimh aif amij 

Le lathVachd liich na £Ìòir. 



38 

Nan smuaintean olc a's diomhain, 

Bha riamh 'g an cuir fo leon, 
'S na h-aignidhean mi-rianail 

Nach striochdadh dha na chòir ; 
Gach làtha bochd a's cianail, 

Le 'n grian bhi dol 's na neoil, 
Theich sud mar sgàil na h-oidhche 3 

A's shoillsich orr' an lò. 

Cha ghearan an luchd-àitich', 

Airtinn, no bàs, no truaigh'; 
Tha craobh na beatha fàs, 

Ann a meadhon Pharais shuas ; 
'S tha 'duilleagan co àluinn, 

'S gvCn slànuich iad an sluagh, 
'S tha toradh feadh gach là oirr', 

'S fo sgàil tha sonas buan. 

'S tric bha iad laisd' le sòlas, 

An gleann nan deoir so fein, 
Ach 's tric a thigeadh neoil air, 

'S bhiodh iad-fo bhròn 'na dheigh; 
Ach nis tha la mòr ac', 

'S an sòlasan cha treig, 
'S iad seinn ni's binne mar mhòran, 

Na smeorach 'measg nan geug'. 



39 

S ann nis tha 'n sonas buan ac', 

'S iad snàmh an cuan a ghaoil ; 
S iad faicinn glòir an Uain sin, 

'G an cuartach' air gach taobh ; 
Cha'n fhaca suil, 's cha chualas, 

'S cha deach' a luaidh le daoin',. 
arach sonas thaisg e suas dhoibh, 

'S gu'n dfhuair iad e gu saor. 

S tric bha 'n sonas àrd, 

'S an co'-chomunn blàth le cheilj 
N uair thionaileadh na braithrean, 

'S iad seinn air gràsan De ;. 
Vch sgap' iad rìs do 'n fhàsaeh, 

'S rinn sud an cràdh gu geur, 
5 is stric a sgair am bàs iad 

O chaidreamh bhlàth a cheil. 

Lch 's math dhoibh 'n là dhfhàg iad 

An f hàsach as an deigh, 
5 an dfhuair iad dol do'n àros 

Anns am bheil lath'rachd Dhe ; 
'ar am bheil na càirdean, 

Nach sgair gu bràth o cheil ; 

an gaol air nach dthig fuaractf, 

Co buan ri cathair Dhe. 



40 



'S tric a mhill e 'n suaimhneas, 

'S a dhfhàg e 'n gruaidh fo dhcoir, 
Bhi chòmhnuidh meas£ an t-sluaigh sin, 

O O ~ 

Bha gluasad reir na feol', 
'G am faicinn ruith gun smuainteach^ 

Gu luath a dh'ionnsuidh bròn, 
Air son gu'n chuir iad suarrach 

An t-Uan le uile ghlòir. 

Ach sona" 'n dream a dhf hàg iad, 

'S a theich gu Pharas De ; 
Cha "'n f haic iad neach toirt tàir dha., 

No bristeadh aitheantean fein, 
'S e th 1 ann an dream abhuadhaich, 

'S a lean an t-Uan 's gach ceurn, 
A's thiormaich e bho 'n uair sin, 

'n gruaidh na h-uile deur. 

Cha bhi 'n dream fhuair gràs 

Deanamh tàir air aon a cheiF, 
Cha bhi roinn, no pairtidh ann, 

No neach gun ghràdh d'a cheil^ 
Tha seachranaidh na fàsaich 

^ir fhàgail as an deigh ; 
A's cha bhi Pòl na Barnabtfs 

A sarach' aon a cheiT, 



41 

Sibhse rirm ar fagai], 

'S a chuir am bàs 'nar deigb, 
"ha'n eagal leibh gu bràth nis 

Gu'n caiil sibh fabhair Dhe ; 
Hhabhi buaireadh Shàtan, 
| No fàilinn annaibh fein, 
A's cha dthig Righ nan uamhas ' 

*N ar smuaintibh feadh gacli rè. 

?huair sibh crùn a's oighreachd, 

'S tha 'r n-aoibhneas pailt gu leoir, 
5 gu cinnteach tha sibh saibhir^ 

Mar oighreachan na glòir ; 
Cha ghrian an cònaidh soillseach, 

'S cha dthig an oidhch' 'nar còir, 
se n t-Uan ar caraid gràdhach, 

''S le lath'reachd bithidh sibh beo. 

Limi e ar sgeadach' rioghail 

Le fireantachd a ghràis ; 
> cha dthig sibh dh'ionnsuidh dìteadh. 

Cha 'r fìrinneach' le bhàs ; 
's dhf hàg sud e co priseal 

'S nach bi sibh sgìth gu bnith, 
'oirt moladh agus chù dha^ 

Le òran ùr gach àì. 



42 



Ged dbfhag sibh sinne brcnacb, 

An gleann nan deoir 'nar deigh, 
ChsCn ann mar dhream gun dòchas, 

Nach còmhlaich sinn a ch eil ; 
Tha sibhse an diugh co sgiamhach 

'S co geal ri grian nan speur, 
'$ 'n uair bhios an obair criochnaiehtV 

Bithidh sinne triall 'nar deigh. 



MGH NAN UAMHÀS.— BAS AN AINGII 

} 
Fhir theagaisg, cluinn e, 's gabh suim d'a reir. 

Tog suas mar thrompaid do ghuth, a's eigh 
Ki sluagh gun eòlas, tba nis a domhlach* 

Air sligh' na dòruinn, 's gach feoil mar flieur. 

Na caomhainn le truas iad, thoir fuaim gun dàil, 

'S leig ris an truaigh' an la nan gràs, 
Ged tha iad uasal, 's an inntinn uabhrach, 

'Se "n t-aobhair truais iad 'n uair thig am bàs. Itìi 

C 
Tha ^n du'me truagh, dol ''san uaigh gun dàiì, 

Thig Righ nan uàmhas 'ga chuir an sàs ; 
Ni tinn a bhualadh 's bidh 'n eigh chruaidh aìgj 

Jka saol sìbh -shluaigh an e so am bàs. 



43 



Tha piantaidh cruaidh air toirt uam nio chàil, 
Tha crith is uamhaxui air tighinn 'mo dhàil y 

Tba toirm 'mo chluasan, is mfheoil air fuarach', 
An saol sibh shluaigh nach e so am bàs ? 

Tha nis'mo shuilean air tionaij sgleò, 
'S ann nis tha 'n saoghail dhomh faoin gu leoiry 

IMo thruaighe-leir ! gu'n dthug mis mo speis dha, 
'S nach dean e feum dhomh 's mi 'n eiginn mhòir. 

Mo neart 'gam f hàgail 's mi falbh gu dluth, 

Mo chridhe fàilinn a's mi gun lùs, 
S mar gleidh sibh seoladh.a ehumas beò mi, [shuil. 

'Se 'n t-siorruidheachd miiòr a tha 'm beachd mo 

r S ann orm tha 'n t-uamhas roimh uair a bhais, 

'S mo dhòchas truagh teicheadh uam mar sgàiì ; 
!ha 'n eil mi 'n ord-ugh gu dhol thoirt còdhail, 
Do'n bhreitheamh mhòr bheir gach feoirna làth'r, 

Ach tha rno dhòchas a tròcair De, 

Cha robh mi 'm phòitear no deanamh bhreug, 
Mo ghniomh "s mo chòmhradh ni 's fearr na mòran^ 

'S cha deanainn foiraeart air neach fo 'n ghrein. 



44 

Mhaith mis mi fein do gach creutair beo^ 
'S mi truasail deirceach ri neach fo leon, 
; A's ged a bhuaidhich am peac' air uairibh, 

Trid laigs is buair', ach cha b'ann de' m' dheoìn. 

Thilg iad gle og mi air tròcair Dhe, 
A's ìean a throcair mi anns gach ceum, 

A's dhith a's dhòl mi Vp ann aig a bhord-san, 
*S le dichioll mòr bha mi deanamh 'n rèit. 

Ach tha mis gun suaimhneas an deigh gaeh nì, 
'B nach seol sibh shluaigh mi, Ciod e tha dhìth l 

Tha choguis bheo so toirt uam mo dhòchas, 
'S tha eagal dòruinn toirt uam mo shìth. 

Tha mo chridhe n g innseadh nach bì mi beo, 
'S gu 'n drinn mi di-meas air 8^11^ co mòr, 

Kach do chreid mi 'n fhirinn ma thimchioll losa, 
'S nach robh e priseal dhomh riamh 'san f heoil,, 

'S mi 'n tanam truagh nis d' an dual am bàs, 
Cha deach' 1 m"* ath-nuadhach'' an la nan gràs, 

Ged thuirt an f hirinn gum bheil gach fìrean, 
Air a bhreitb rìs ann an la na sìaint,, 



43 



Do aitheantaibh naomh-san cha dthtig mi geill, 
'S do shligh 1 na naomhachd cha dthug mi speis ; 

S cha d'f heuch mi cairdeas, no gràdh, no fìrinn, 
Do 'n dream bha dileas 'ga leantuinn fein. 

kon tart no iarrtas cha robh mo chòm, 

'S ann dhomh-s 1 bha'n diadhachd na h-eaHach tròm^ 
§ mo chridh 1 sàs arms an nì rinn m' fhàilinn, 

'Se sud rinn m' f hàgail an diugh co lòm. 

Tha saighdean geur a 1 dol tromham dlùth, 
Ach, O! an t-siorruidheachd tha'mbeachdmoshùit^ 

Jam faighinn dàil *s thigh'nn a rìs gu slainte, 
Gu cinnteach dhfhàsainn a'm' chreutair ùr. 

[ach bì sibh -'g umuigh 's gum bheil mi beo, 
Ri Righ nan Duil o'n tha thròcair mòr ; 

.ch tha mi fàilinn, slàn leibh a chairdean, 
Tha mis gu bràth gu bhi ann am bròn. 

is dhorch' mo shuilean le sgàil a bhàis, 

Nis chi mi chùis mar a bha e radh, 

ha teine mòr ann, 'san sluagh ""g an ròsdadhk 

Gun suil ri tròcair air feadh gach àl 



46 



Ma 's duine beò thu nach cluinn thu 'n eish, 
Nach creid thu 'n f hìrinn a's dean d'a reir, 

Air neo gu cinnteach cha dtheid do thearnadh, 
'Se sud àm bàs gus an dthig thu fein. 



AN SOISGEUL. 

'Se 'n Soisgeul siorruidh a naigheachd ghlòrrnhor, 
Tha'n obair criochnaicht', na dh'iarr Iehobhah, 

Tha ceartas, f ìrinn, tha sìth a's tròcair, 

Toirt slaint' do dhaoine 'se saor gu leoir dhoibh. 

J Se ghaol bha siorruidh 9 s an d' rinn e tòiseach', 
Gu'n dthigeadh Iosa le slainte mhòr dhoibh, 

'S an uair ghabh e naduir gu'n phaidh e 'm fìachaQ, 
A's thug e dioladh le fhuil a dhòrtadh. 



'ì'ha gaol ri luaidh ann 's cha chualas aicheadh, 
Righ nan sluagh dol an dèigh nan tràillean, 

'S ag eigheach sìth, 's O nach pill sibh chairdean, 
'S gu'm bi mo ghaol duibh co saor 's is àill leibh 

Mar thog Maois an nathair 'san fhàsach, 

'S 'n uair sheall an sluagh ris bha buaidh a's slair 

Mar sin tha'n t-Uan siii Mac Dhe'air àrdach', [anr 
Thoirt siaint do dhaoine le saor ghràsan. 



47 



» 'n sgeul ro-bhinn e air tighinn do'n f hàsach, 

Su sluagh tha tinn leis na lotan bàsmhor, 

ta ieigheas cinnt ann, is leigh gràsmhor 

>fach d'fhàilinn namh^a's cha d' iarr e paidheadh. 

trompaid Dhe e ni feum do thraillean, 
S do luchd nam fiachan nach urrainn paidheadh, 
a ceangailt' riamh ann an cuibhreach Shàtain, 
S gum faigh iad fuasgladh 'san uair raa's àill leo, 

'n sgeul ro-phriseal bheir sìth a's suaimhneas, 
Do ^n dream tha sgìth a^s fo throm uallach, 
la'n lagh 'g an dìteadh 's 'g an sior-ruagadh, 
Gru fois a s sìth ann am fuil an Uain sin. 

ia^n t-aran beo ann 's gu leoir ri fhaotuinn, 
Do n' mhac stroghail bha deothl nam plaosgan ; 
ia Athair tròcaireach ruith 'na chòdhaiJ, 
p bheir e pòg dha le mòran faoilte. 

'n sffeul ro-ghràsmhor do 'n aireamh shluaigh sin 

o o O 

à threig an càirdean 's rinn càch chur suarrach, 

im faigh iad peath'raichean agus braithrean, 

S bithidh 'n Ti a'saird deanamh cairdeas buan 'riu* 



48 



So sgeul air fireantachd f hior-ghlan àluina^ 
A's ròbe rioghajì theid sios gu'n sàilean, 

'S na fhuair am fireantachd fein ro-ghraineil, 
Sud trusgan dùbailt bhios ùr gu bràth dhoibh. 

Tha 'n Soisgeul prìseal do^n ti chaidh shàrach', 
Air son bhi dìleas air taobh an t-Slanuighear ; 

Cha bhi dìth air dol trid na fàsaich, 

'S tha'n saibhreas fior aig an tir Immanueil. 

A chairdean gaol nis nach gabh sibh còir dheth, 
'S gum bheìl iad saor dhuibh na nithe glòrmhor. 

O n 's rabhaidh f hior e, cinnt' 's mòr an dìteadh 
Do'n dream ni di-meas air slaint co mòr ris. 



A' CRRIOGB, 






r -